Srùbag - Seisean Òrain Na Gàidhlig / Seisiún Amhráin Na Gaeilge

Monday: -
Tuesday: -
Wednesday: -
Thursday: -
Friday: 09:00 - 21:30
Saturday: -
Sunday: -

About Srùbag - Seisean Òrain Na Gàidhlig / Seisiún Amhráin Na Gaeilge

Seisean Òrain na Gàidhlig Beò gach mìos air Zoom
Seisiún Amhráin na Gaeilge Beo gu míosúil air Zoom

Srùbag - Seisean Òrain Na Gàidhlig / Seisiún Amhráin Na Gaeilge Description

A sheinneadairean na Gàidhlig, tha an t-àm ann Cèilidh Òrain na Gàidhlig air Zoom a chur air bhog, bho chridhe cathair-bhaile na h-Alba.

Bidh sinn a' cur romhaibh cèilidh seinn na Gàidhlig romhainn gach mìos agus 's urrainn dhuibh uile dol am sàs ann, aig an taigh. Ged as ann an Dùn Èideann a tha Srùbag stèidhichte, faodaidh sibh a bhith an sàs ann, ge b' e càit a bheil sibh, air an t-saoghal mhòr.

Thigibh a-staigh, a' cleachdadh an ceangal seo air coimpiutair / tablaid / fòn-làimhe agus lean an ceangal, no dèan cliog an-seo gus ur stiùireadh ann gu dìreach: tinyurl.com/srubag

Cleachdaibh am facal-faire 'srubag'

'S iad Linn Phipps, a choisinn aigeallan-airgid a' Chomuinn Ghàidhealaich is am bàrd is seinneadair Marcas Mac an Tuairneir a bhios nam bean- is fear-an-taighe.

Nam bu toil leibh dol an sàs ann, thoiribh leibh dà no trì òrain is cuiridh sinn air an liosta sibh. 'S ann tro mheadhan na Gàidhlig a thèid an cèilidh a chumail, ach chuireamaid fàilte air òrain gun is le taic ionnsramaid ciùil.

Ciamar a bhios e ag obrachadh?

Airson tèarainteachd, nuair a chliogas sibh an ceangail, thèid ùr cur ann an seòmair gus an leig bean-an-taighe sibh a-staigh. Thèid gach duine a mhùchadh ach an seinneadair, agus gach duine a' dol aon mu seach. 'S an Seinneadair air Aoigheachd a bheir taghadh òran seachad, ach gheibh gach duine cothrom. Bidh Linn a' cumail practas sgioba-luaidh Lodainn agus tha air bhith an sàs ann an còrr is ceud cèilidh tro Zoom gu ruige seo - mar sin, tha an siostam dìon!

Ma tha duilgheadas agaibh leis an teicneòlas, no sibh gun Zoom a chleachdadh roimhe, cuiribh fios gus Linn aig linnphipps@gmail.com gus demo a chur air dòigh. Air neo, thigibh air loidhne cairteal na h-uarach ro làimhe, gus an seall sinn dhuibh ciamar a bhios cùisean a' dol!

Chì sinn ann sibh!


*ENGLISH*

Srùbag!

Calling all you Gaelic singers, it’s time to launch a Zoom Gaelic song cèilidh from the heart of Scotland's capital!

We are launching a monthly Gaelic sing which you can participate in and /or enjoy from your own home. Although Srùbag will be based in Edinburgh, it can be enjoyed around the world!

Please dial in on zoom using this link, on your computer / tablet / mobile device and follow the link or click here, to be taken there directly: tinyurl.com/srubag

Use the password 'srubag'

Your hosts are Mòd Silver Pendant winner Linn Phipps, and Gaelic poet-cum-singer Marcas Mac an Tuairneir.

How does it work?

For security, once you have clicked on the link above, you are in a “waiting room” and the host lets you into the group. Everyone is muted except the singer, and we all take it in turns to sing. The Guest Singer will sing several songs, but everyone will get a turn. Linn co-hosts the Lothian Gaelic Choir’s Luadh group and has participated in over a hundred Zoom music sessions – so we know it works!

If all this seems unintelligible and you haven’t already used Zoom, contact Linn to set up a demo. , or sign in a bit early (we’ll be on the call 15 mins early) and we’ll explain how it works!

Chì sinn ann sibh!

More about Srùbag - Seisean Òrain Na Gàidhlig / Seisiún Amhráin Na Gaeilge

Monday: -
Tuesday: -
Wednesday: -
Thursday: -
Friday: 09:00 - 21:30
Saturday: -
Sunday: -
http://tinyurl.com/srubag